top of page

Poileasaidh Prìobhaideachd

Tha làrach-lìn Taigh-tasgaidh Inbhir Ghòrdain a’ stòradh glè bheag de dh’fhiosrachadh mu luchd-tadhail na làraich againn. Ach, bidh sinn a’ cleachdadh cuid de sheirbheisean bhon taobh a-muigh a dh’ fhaodadh dàta mur deidhinn a stòradh. Tha sinn a’ liostadh na tha sinn a’ stòradh agus na seirbheisean bhon taobh a-muigh a bhios sinn a’ cleachdadh gu h-ìosal.

  • Tha foirm conaltraidh againn a leigeas leat teachdaireachd/ceist a chur thugainn. Thèid am fiosrachadh a lìonas tu a-steach a chur thugainn tro phost-d ach cha tèid a stòradh air an làrach-lìn. Cumaidh sinn na puist-d a thèid a chur thugainn san dòigh seo agus is dòcha gun cleachd sinn am fiosrachadh conaltraidh agad gus freagairt a thoirt dhut mun cheist agad.

  • Tha leabhar aoighean againn a leigeas leat teachdaireachd phoblach a phostadh thugainn. Ma lìonas tu na bogsaichean ainm is seòladh puist-d roghainneil, thèid am fiosrachadh agad a stòradh air an làrach-lìn agus a shealltainn gu poblach gus an urrainn dhuinne, agus do luchd-tadhail eile air an làrach-lìn, freagairt a thoirt dhut tro phost-d ma thogras iad.

  • Bidh làrach-lìn Taigh-tasgaidh Inbhir Ghòrdain a’ tional fiosrachadh mu luchd-tadhail tro Google Analytics. Tha am fiosrachadh seo gun urra agus cha bu chòir dha sin do chomharrachadh gu pearsanta. Faodaidh tu poileasaidh prìobhaideachd Google fhaicinn an seo .

  • Bidh an làrach-lìn a’ cleachdadh Paypal mar gheata pàighidh ma cheannaicheas tu rudeigin bhuainn no ma nì thu pàigheadh. Faodaidh Paypal an dàta agad a chruinneachadh sa chùis seo, ach chan eil dad air a stòradh air an làrach seo. Faodaidh tu poileasaidh prìobhaideachd Paypal fhaicinn an seo .

  • Tha an làrach-lìn a’ sealltainn sanasan bho Google Adsense. Faodaidh tu poileasaidh prìobhaideachd Google fhaicinn an seo . Faodaidh tu roghnachadh gun a bhith a’ faighinn sanasan pearsanaichte bho Google Adsense an seo.

Ma tha ceist sam bith agaibh mu ar cleachdadh den dàta agaibh, cleachdaibh am fiosrachadh conaltraidh a lorgas sibh air an làrach-lìn.

  • Facebook
  • Instagram

© 2025 le Taigh-tasgaidh Cabhlaich agus Ionad Dualchais Inbhir Ghòrdain. Cumhachdaichte agus tèarainte le Wix

140 Sràid Àrd

Inbhir Ghòrdain IV18 0AE

’S e SCIO a th’ ann an Taigh-tasgaidh Inbhir Ghòrdain

Àireamh Carthannais na h-Alba: SC035244

bottom of page