Air taisbeanadh aig Taigh-tasgaidh Inbhir Ghòrdain gheibh thu:
Cuimhneachan air HMS Natal a dh’ fhuiling spreadhadh marbhtach ann an Linne Chrombaigh air 30 Dùbhlachd, 1915
Fiosrachadh a thaobh Ceannairc Inbhir Ghòrdain
Taisbeanadh farsaing de uidheam bhon t-seann ospadal Cabhlaich a’ gabhail a-steach sgamhan iarainn
Eachdraidh Inbhir Ghòrdain a’ gabhail a-steach na trì caistealan
Leasachadh port Inbhir Ghòrdain a’ gabhail a-steach dà mhodail de rigichean ola agus bàta-teasairginn Inbhir Ghòrdain
“Taigh do Sheanmhair” – taghadh de rudan a bhiodh do Sheanmhair air a chleachdadh
Sgeulachd campa Pòlach Inbhir Ghòrdain aig àm an Dàrna Cogaidh agus a’ chuibhreann a rinn na saighdearan Pòlach don choimhearsnachd ionadail
Dealbhan sgoile Inbhir Ghòrdain – taghadh de dhealbhan a chaidh a thogail thar 100 bliadhna a’ sealltainn diofar bhuidhnean clas de sgoiltean Inbhir Ghòrdain. Ma chaidh thu dhan sgoil ann an sgìre Inbhir Ghòrdain is dòcha gu bheil thu mu thràth anns an taigh-tasgaidh!







